'S e eun a th' anns a' chorra-ghritheach (Laideann & ainm saidheans: ardea cinerea, Beurla: grey heron).
Lorgar iad anns na h-àiteachan le gnàth-shìde mheasarra sa Roinn-Eòrpa, Àisia, agus ceàrnaidhean de dh'Afraga.
Chithear a' chorra-gritheach an cois na mara agus an cois aibhnichean. Coisichidh i air oitir a' lorg bìdh. Nuair a tha i a' sealg, faodaidh i a bhith na seasamh gun ghluasad fad ùine mhòr. Ithidh i èisg, daolagan, radain, luchain agus losgannan.[1]
Tha gob, casan, agus amhaich fada aig a' chorra-ghritheach. Tha a ceann geal le bann dubh a' dol tarsainn a sùilean. Tha a sùilean fhèin agus a gob buidhe. Tha a h-amhaich geal. Tha a druim agus a broilleach liath. Tha a sgiathan liath agus dubh. Tha a casan donn.
Gu tric, bidh inbheach 91cm a dh'fhaide.[1]
Chan eil e furasta an diofar eadar am fear agus an tè fhaicinn. Tha an ite air cùl a cinn nas giorra aig an tè.
Tha lèirsinn anabarrach math aig a' chorra-ghritheach.
Faodaidh a' chorra-ghritheach a bhith beò fad 25 bliadhna.
Beiridh i 3 - 5 uighean gach bliadhna eadar An Gearran is An Cèitean. Tha iad soilleir-ghorm.[1]