'S e lus a th' ann an ròs-chraobh. [2] Thàinig an t-ainm bho na fhaclan Greugach ῥόδον (rhódon) "ròs" agus δένδρον (déndron) "craobh"). [3] Mar sin nochd an t-ainm ann an iomadh canain mar "Rhododendron".
Tha e a' buntainn don teaghlach Ericaceae agus tha barrachd na 1,024 seòrsa ann. Tha e gu math cumanta ann an Àisia.
Tha an t-seòrsa Rhododendron ponticum ris an canar common rhododendron sa Bheurla cuideachd, a' buntainn do dh'Eòrpa a Deas is Àisia an Iar-dheas. A-nis tha iad a' fàs gu nàdarra ann an Sealainn Nuadh is Eòrpa an Iar. Tha e na trioblaid do na luibhean tùsanach air a' Ghàidhealtachd, san àirde a deas Shasainn is a' Chuimrigh.[4] Tha na ròsan-craobh a' fàs cho luath nach eil cothrom fàis ann airson nan luibhean ionadail. A bharrachd air sin tha fungas puinnseanach a' thiginn còmhla ris na ròsan-craobh, fungas a mhaireas beò fhad seachd bliadhna san talamh agus a chuireas bàs air na luibhean eile.[5]
'S e lus a th' ann an ròs-chraobh. Thàinig an t-ainm bho na fhaclan Greugach ῥόδον (rhódon) "ròs" agus δένδρον (déndron) "craobh"). Mar sin nochd an t-ainm ann an iomadh canain mar "Rhododendron".
Tha e a' buntainn don teaghlach Ericaceae agus tha barrachd na 1,024 seòrsa ann. Tha e gu math cumanta ann an Àisia.