dcsimg
Imagem de Quercus petraea (Matt.) Liebl.
Life » » Archaeplastida » » Angiosperms » » Fagaceae »

Quercus petraea (Matt.) Liebl.

Darach neo-ghasagach ( Gaélico Escocês )

fornecido por wikipedia emerging languages

'S e craobh a th' ann an darach neo-ghasagach[1] (Laideann: quercus petraea/sessiliflora[2]). Tha e aithnichte mar "sessile oak", "Cornish oak" no "Durmast oak" sa Bheurla. Tha e a' fàs gu nàdarra air feadh na Roinn-Eòrpa is Ioràn.

'S e an darach neo-ghasagach a' chraobh nàiseanta na Cuimrigh.[3] Mar a tha an t-ainm Cornish oak a' sealltainn, tha e na chraobh nàiseanta Còrnach cuideachd.[4][5]

Canar gun robh am "Pontfadog Oak" an darach neo-ghasagach a bu shine anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'fhàs e faisg air Y Waun ann an Cuimrigh a Tuath. Thathar dhen bheachd gun robh e na bu shine na 1,200 bliadhna a dh'aois. Bha cearcall-thomhas de 42 troigh 5 òirlich (12.9 m) aig an stoc-craoibhe agus bha toll anns an stoc-craoibhe. Chaidh i a leagail leis a' ghaoith sa Ghiblean 2013. [6]

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Quercus sessiliflora Salisb.”. USDA GRIN Taxonomy for Plants.
  3. "Tree trail with worldwide flavour", BBC News, 23.7.2004
  4. James Minahan, The complete guide to national symbols and emblems , Volume 1, 2009
  5. this is cornwall.co.uk
  6. Pontfadog Oak: 1,200-year-old tree toppled by winds”, BBC News Online. 18.4. 2013.

licença
cc-by-sa-3.0
direitos autorais
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia
original
visite a fonte
site do parceiro
wikipedia emerging languages

Darach neo-ghasagach: Brief Summary ( Gaélico Escocês )

fornecido por wikipedia emerging languages

'S e craobh a th' ann an darach neo-ghasagach (Laideann: quercus petraea/sessiliflora). Tha e aithnichte mar "sessile oak", "Cornish oak" no "Durmast oak" sa Bheurla. Tha e a' fàs gu nàdarra air feadh na Roinn-Eòrpa is Ioràn.

'S e an darach neo-ghasagach a' chraobh nàiseanta na Cuimrigh. Mar a tha an t-ainm Cornish oak a' sealltainn, tha e na chraobh nàiseanta Còrnach cuideachd.

Canar gun robh am "Pontfadog Oak" an darach neo-ghasagach a bu shine anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'fhàs e faisg air Y Waun ann an Cuimrigh a Tuath. Thathar dhen bheachd gun robh e na bu shine na 1,200 bliadhna a dh'aois. Bha cearcall-thomhas de 42 troigh 5 òirlich (12.9 m) aig an stoc-craoibhe agus bha toll anns an stoc-craoibhe. Chaidh i a leagail leis a' ghaoith sa Ghiblean 2013.

licença
cc-by-sa-3.0
direitos autorais
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia
original
visite a fonte
site do parceiro
wikipedia emerging languages