’S e eun a th’ anns an tàrmachan[1], Laideann: Lagopus muta[2]. Mar a tha a fhar-ainm cearc nam beann ag innse, tha e cumanta air monaidhean na h-Albann.
Tha an tàrmachan dàimheach don chirc-fhraoich, Lagopus lagopus scotica, agus gu tric lorgar an dà ghnè eòin air an aon bheinn, a’ chearc-fhraoich gu h-ìosal agus an tàrmachan gu h-àrd. Ach tha diofar mòr eatarra: bidh an tàrmachan a’ dol bàn anns a' gheamhradh, leasachadh a chumas am falach san t-sneachd e. As t-samhradh tha e cuideachd fìor dhoirbh fhaicinn am measg nan creag, ma shuidheas e gu sàmhach.
Tha a ainm stéidhte air a ghairm: tarm no torm. Chaidh e a-null bhon Ghàidhlig don Bheurla mar “ptarmigan”, le ‘p’ neo-fhuaimnichte neo-eachdraidheil a’ dèanamh aithris air an t-Seann-Ghreugais πτέρυξ, sgiath. Tha cuid de bheanntan air an ainmeachadh air a shon, leithid Sgòrr an Tàrmachain agus Meall nan Tàrmachan.
’S e eun a th’ anns an tàrmachan, Laideann: Lagopus muta. Mar a tha a fhar-ainm cearc nam beann ag innse, tha e cumanta air monaidhean na h-Albann.