’S e eun beathach blàth-fhuileach iteagach sgiathach. Bho chionn fhada ann am mean-fhàs nan eun, chaidh an casan-toisich nan sgiathan agus tha a' chuid as motha dhiubh comasach air itealachadh. Ach tha feadhainn mòra ann nach urrainn dhol air iteig, mar eisimpleir: sruth (ostraids) agus emu. Sìolaichidh iad le bhith cur uighean.
'S iomadh seòrsa a th' ann. Gheibhear eòin fala mar an iolaire, no eòin na doimhne mar am bura bhuachaill no am buthaid. Gheibhear eòin sgrìobaidh leithid an fheannag no am fitheach; eòin ceileiridh leithid an liath thruisg no an sgiath dhearg agus gheibhear eòin na tràghad, na trìleachain 's na feadagan.
Gabhaidh na h-eòin a roinn mar a leanas:
’S e eun beathach blàth-fhuileach iteagach sgiathach. Bho chionn fhada ann am mean-fhàs nan eun, chaidh an casan-toisich nan sgiathan agus tha a' chuid as motha dhiubh comasach air itealachadh. Ach tha feadhainn mòra ann nach urrainn dhol air iteig, mar eisimpleir: sruth (ostraids) agus emu. Sìolaichidh iad le bhith cur uighean.
'S iomadh seòrsa a th' ann. Gheibhear eòin fala mar an iolaire, no eòin na doimhne mar am bura bhuachaill no am buthaid. Gheibhear eòin sgrìobaidh leithid an fheannag no am fitheach; eòin ceileiridh leithid an liath thruisg no an sgiath dhearg agus gheibhear eòin na tràghad, na trìleachain 's na feadagan.
Amadan mòintich Annlag-mhara, Pàraig (Hydrobates pelagicus) Arspag Bradan (Salmo salar) Breacan-glas (Muscicapa striata) Brèid air tòin, Clamhan nan cearc (Circus cyaenus) Brù-dhearg Bugaire Bun a’ bhuachaille (Gavia immer) Buthaid no fachach (Fratercula arctica) Cailleach-oidhche Cailleach-oidhche-mhòr Calman Cam-ghlas (Tringa totanus) Cam-ghob Capall-coille Cathan, Giùran (Branta leucopsis) Cearc Cearra-ghob-mòr (Limosa lapponica) Coileach dubh Coileach Frangach Coileach Fraoich Coltraiche (Alca torda) Comhachag chluasach (Asio flammeus) Corra-bhàn Cràdh-ghèadh (Tadorna tadorna) Crann-lach (Anas crecca) Curracag (Vanellus vanellus) Cuthag Deoch bhuidhe (Tringa nebularia) Donnag (Prunella modularis) Dreathan donn (Troglodytes troglodytes) Eala (Cygnus cygnus) Eala-bhàn (Cygnus olor) Eun dubh an sgadain (Uria aalge) Eun-Bealltainn (Numenius phaeopus) Faoileag Farspag (Larus marinus) Fasgadair (Stercorarius parasiticus) Fasgadair (Stercorarius skua) Feadag (Pluvialis apricaria) Feadag-ghlas (Pluvialis squatarola) Fitheach Fulmair, Eun-crom (Fulmarus glacialis) Geadh bhlàr (Anser albifrons flavirostris) Gèadh glas (Anser anser) Gealag an t-sneachda (Plectrophenax nivalis) Gealag-bhuachair (Miliaria calandra) Gealag-lìn (Carduelis cannabina) Gealag-lòin (Emberiza schoeniclus) Gealan an t-sneachda Gealan beinne (Carduelis flavirostris) Gearra-glas (Cepphus grylle) Gille-brìghde, Trilleachan (Haematopus ostralegus) Gille-feadaig (Calidris alpina) Glaisean Glas-lach (Anas penelope) Gobhar-adhair Gobha-uisge (Cinclus cinclus) Gobhlachan (Arenaria interpres) Gòbhlachan (Podiceps auritus) Gòbhlan-dubh Gòbhlan-gaoithe Gòbhlan-mara (Oceanodroma leucorhoa) Gòbhlan-monaidh Gràilleag, Trilleachan-glas (Calidris alba) Guga Iolair (Aquila chrysaetos) Iolaire iasgaich Iolair-mhara (Haliaeetus albicilla) Isean-dearg (Phalaropus lobatus) Lach a’ ghuib leathainn (Anas clypeata) Lach Lochlannach (Somateria mollissima) Lach sgumanach (Aythya fuligula) Lach stiùireach (Clangula hyemalis) Lach-ghlas (Anas strepera) Lach-stiùireach (Anas acuta) Learga-dhubh (Gavia arctica) Learga-mhòr (Gavia stellata) Liath thruisg Lon dubh Luatharan-gorm (Calidris maritima) Mèirneal Mèirneal (Falco columbarius) Muir-bhuachaill Naosg (Gallinago gallinago) Nathair-challtainn, Sleathag (Anguis fragilis) Pioghaid Ruideag (Rissa tridactyla) Seabhag (Falco peregrinus) Sgarbh (Phalacrocorax carbo) Sgarbh an sgùmain (Phalacrocorax phalacrocorax) Sgarbh-beag Sgrail no sgrab no fachach bàn (Puffinus puffinus) Sgiath dhearg Sìolta dhearg (Mergus serrator) Smeòrach (Turdus philomelos) Snagan-allt (Rallus Aquaticus) Snagan-daraich Steàrnag Artaiceach, Steàrnal (Sterna paradisaea) Steàrnag chumanta, Steàrnan (Sterna hirundo) Steàrnag-bheag (Sterna albifrons) Steàrnan Sùlair (Morus bassanus) Tarragan Artaiceach (Salvelinus alpinus) Traon bhreac (Porzana porzana) Traon (Crex crex) Trìlleachan-tràghad (Charadrius hiaticula) Tunnag Uiseag, Topag (Alauda arvensis)Gabhaidh na h-eòin a roinn mar a leanas:
Eòin-fuirich Eòin imrich Coigrich geamhraidh Coigrich samhraidh Eun-turais no eun-siubhail Seachranaich no Eòin uasal Eòin-chreachaidh